Tha mi a' gealltainn gun coimhead mi às dèidh nàdar na h-Alba. Nì mi na leanas:
- Cha chuir mi dragh air an fhiadh-bheatha air leth a tha air a bhith a' coiseachd air feadh na dùthcha iongantaich seo fad linntean.
- Gabhaidh mi ceum cùramach gus na h-àrainnean aca a dhìon.
- Bidh mi mothachail air fearann-tuathanais agus stoc.
- Cumaidh mi an cù agam air iall nuair a bhios seo a dhìth.
- Bheir mi mo chuid sgudail dhachaigh leum.
- Cha toir mi leam ach dealbhan agus chan fhàg mi ach lorgan coise.
- Lean Còd Slighean Dùthchail na h-Alba
Tha mi a' gealltainn gun coimhead mi às dèidh coimhearsnachdan na h-Alba. Nì mi na leanas...
- Thèid mi nas slaodaiche, agus gabhaidh mi tlachd às a h-uile rud a tha ri fhaicinn, ri dhèanamh is ri ionnsachadh.
- Ceannaichidh mi gu h-ionadail gus am bathar as fheàrr a cheannach agus gus taic a chumail ri gnìomhachasan is gnothachasan na h-Alba.
- Bheir mi spèis do mhuinntir an àite agus do na goireasan aca.
- Gabhaidh mi tlachd às a' Ghàidhlig agus bheir mi spèis dhì.
- Feuchaidh mi am biadh blasta, ràitheil a tha ri fhaighinn air feadh na h-Alba.
- Gheibh mi a-mach mu dheidhinn nan cultaran eadar-mheasgte beartach air feadh na h-Alba agus bheir mi spèis dhaibh.
- Seachnaidh mi àiteachan trang is thèid mi air ais nuair a bhios iad nas sàmhaiche.
- Bidh mi cùramach nuair a bhios mi air a' bhlàr a-muigh agus bheir mi leam uidheamachd is aodach ceart.
- Gheibh mi a-mach ro làimh a bheil pàirceadh ann agus a bheil an t-àite ruigsinneach.
- Pàircidh mi an carbad agam gu sàbhailte ciallach.
- Leanaidh mi stiùireadh a thaobh astarachadh sòisealta agus cuiridh mi còmhdach-aodaich orm nuair a bhios sin a dhìth.
Tha mi a' gealltainn gun coimhead mi às dèidh Alba agus an t-saoghail airson an àm ri teachd. Nì mi na leanas...
- Fàgaidh mi an càr nuair as urrainn dhomh agus thèid mi ann air chois, air baidhsagail no le ràmh no cleachdaidh mi còmhdhail phoblach.
- Gheibh mi carbadan dealanach air mhàl nuair a ghabhas e dèanamh agus nì mi feum de na h-àiteachean teàirrdsidh a tha rim faighinn air feadh na h-Alba a-nis.
- Gheibh mi a-mach cho uaine 's a tha na gnìomhachasan uile a bhios mi a' cleachdadh gus siubhal, fuireach agus gus faighinn a-mach mun àite.
- Cleachdaidh mi an t-uisge glan bhon ghoc, seach bho bhotail aon-turais.
- Cuiridh mi na solasan dheth is coimheadaidh mi suas air na rionnagan.
Tapadh leibhse airson gealladh Alba a chumail sònraichte tro bhith a' faicinn ar dùthcha ann an dòigh chiallach.
Briog gu h-ìosal gus innse do chàch air Twitter gu bheil thu air aontachadh ri #SpèisDìonGabhTlachd agus brosnaich do theaghlach is càirdean gus an aon rud a dhèanamh.